Über den Autor Migi Macnìll
'S e seanachaidh fialaidh, le doighean còir a th'ann a' Migi. Thàinig a mhuinntir a Eilean Bharraigh, o chionn còrr is dà chiad bliadhna. Chaidh e a thogail air baile-fhearainn beag ann a' Baile Sheumais, Siorramachd Bhictoria, Ceap Breatainn. Agus 's ann a sin a tha e a' fuireach fhathast, ann an taigh far a faigh luchd-cèilidh fàilte is furan. 'S i a' Gàidhlig a chiad chànain aige agus 's e seo a chiad leabhar aige.Na fhear-ionnsachaidh na Gàidhlig, tha Ph.D. ann am beul-aithris aig Seumas, bho Oilthigh Memorial ann an Talamh an Èisg. Bidh e tric a' tadhal air Migi, agus seanchaidhean eile, gus stòiridhean agus naidheachdan a chluinntinn. 'S ann an Ceap Breatainn a tha e a' fuireach, còmhla ri a bhean agus an dà ghille aca.Rugadh Eimilidh Dhòhmnallach (ni'n Scott 'ic Fhraing 'ic Ruairidh Sis) air Eilean Cheap Breatainn. Thàinig a muinntir bho Bhràigh Loch Abar, Mòrar agus na h-Eileanan Siar. Tha i ag obair aig taigh-tasgaidh Baile nan Gàidheal ann an Sanndraigh. Tha i a' fuireach ann an Centreville far am bi i a' dèanamh ealain agus a' coiseachd 'sa choille leis a' chù aice.